summaryrefslogtreecommitdiffstats
path: root/l10n-gd/mail/chrome/messenger-smime/msgSecurityInfo.properties
diff options
context:
space:
mode:
authorDaniel Baumann <daniel.baumann@progress-linux.org>2024-04-28 14:29:10 +0000
committerDaniel Baumann <daniel.baumann@progress-linux.org>2024-04-28 14:29:10 +0000
commit2aa4a82499d4becd2284cdb482213d541b8804dd (patch)
treeb80bf8bf13c3766139fbacc530efd0dd9d54394c /l10n-gd/mail/chrome/messenger-smime/msgSecurityInfo.properties
parentInitial commit. (diff)
downloadfirefox-2aa4a82499d4becd2284cdb482213d541b8804dd.tar.xz
firefox-2aa4a82499d4becd2284cdb482213d541b8804dd.zip
Adding upstream version 86.0.1.upstream/86.0.1upstream
Signed-off-by: Daniel Baumann <daniel.baumann@progress-linux.org>
Diffstat (limited to 'l10n-gd/mail/chrome/messenger-smime/msgSecurityInfo.properties')
-rw-r--r--l10n-gd/mail/chrome/messenger-smime/msgSecurityInfo.properties36
1 files changed, 36 insertions, 0 deletions
diff --git a/l10n-gd/mail/chrome/messenger-smime/msgSecurityInfo.properties b/l10n-gd/mail/chrome/messenger-smime/msgSecurityInfo.properties
new file mode 100644
index 0000000000..3461046db8
--- /dev/null
+++ b/l10n-gd/mail/chrome/messenger-smime/msgSecurityInfo.properties
@@ -0,0 +1,36 @@
+# This Source Code Form is subject to the terms of the Mozilla Public
+# License, v. 2.0. If a copy of the MPL was not distributed with this
+# file, You can obtain one at http://mozilla.org/MPL/2.0/.
+
+## Signature Information strings
+SINoneLabel=Chan eil ainm sgrìobhte digiteach ris an teachdaireachd
+SINone=Chan eil an teachdaireachd seo a’ gabhail a-steach ainm sgrìobhte digiteach an t-seòladair. Mur eil ainm sgrìobhte digiteach ann, faodaidh gun deach an teachdaireachd seo a chur le cuideigin a tha a’ leigeil air gu bheil an seòladh puist-d seo aige. Cuideachd, faodaidh gun deach atharrachadh a chur air an teachdaireachd fhad ’s a chaidh a sheòladh thairis air an lìonra. Ge-tà, ’s lughaid gun do thachair rud sam bith mar seo.
+SIValidLabel=Tha ainm sgrìobhte ris an teachdaireachd
+SIValid=Tha an teachdaireachd seo a' gabhail a-steach ainm sgrìobhte digiteach is dligheach. Cha deach atharrachadh a chur air an teachdaireachd seo on a chaidh a chur.
+SIInvalidLabel=Chan eil an t-ainm sgrìobhte digiteach dligheach
+SIInvalidHeader=Tha an teachdaireachd seo a' gabhail a-steach ainm sgrìobhte digiteach ach chan eil e dligheach.
+SIContentAltered=Chan eil an t-ainm sgrìobhte a' freagairt ri susbaint na teachdaireachd mar bu chòir. Tha coltas gun deach atharrachadh a chur air an teachdaireachd às dèidh dhan t-seòladair ainm a chur ris. Cha bu chòir dhut earbsa a chur ann an dligheachd na teachdaireachd seo mus dearbhaich an seòladair an t-susbaint a tha ann dhut.
+SIExpired=Tha coltas gun do dh’fhalbh an ùine air an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd. Dèan cinnteach gu bheil an t-àm a nochdas uaireadair a’ choimpiutair agad ceart.
+SIRevoked=Chaidh an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd seo a chùl-ghairm. Cha bu chòir dhut earbsa a chur ann an dligheachd na teachdaireachd seo mus dearbhaich an seòladair an t-susbaint a tha ann dhut.
+SINotYetValid=Tha coltas nach eil an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd dligheach fhathast. Dèan cinnteach gu bheil an t-àm a nochdas uaireadair a’ choimpiutair agad ceart.
+SIUnknownCA=Chaidh an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd fhoillseachadh le ùghdarras theisteanasan neo-aithnichte.
+SIUntrustedCA=Chaidh an teisteanas leis a chur ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd fhoillseachadh le ùghdarras theisteanasan nach eil earbsa agad ann airson foillseachadh a leithid seo de theisteanas.
+SIExpiredCA=Chaidh an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd fhoillseachadh le ùghdarras theisteanasan aig a bheil teisteanas a dh'fhalbh an ùine air. Dèan cinnteach gu bheil an t-àm a nochdas uaireadair a' choimpiutair agad ceart.
+SIRevokedCA=Chaidh an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd fhoillseachadh le ùghdarras theisteanasan a chaidh a theisteanas fhèin a chùl-ghairm. Cha bu chòir dhut earbsa a chur ann an dligheachd na teachdaireachd seo mus dearbhaich an seòladair an t-susbaint a tha ann dhut.
+SINotYetValidCA=Chaidh an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd fhoillseachadh le ùghdarras aig a bheil teisteanas nach eil dligheach fhathast. Dèan cinnteach gu bheil an t-àm a nochdas uaireadair a' choimpiutair agad ceart.
+SIInvalidCipher=Chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd air neart crioptachaidh nach eil an tionndadh seo dhen bhathar-bhog agad a' cur taic ris.
+SIClueless=Tha duilgheadasan neo-aithnichte ann leis an ainm sgrìobhte digiteach seo. Cha bu chòir dhut earbsa a chur ann an dligheachd na teachdaireachd seo mus dearbhaich an seòladair an t-susbaint a tha ann dhut.
+SIPartiallyValidLabel=Tha ainm sgrìobhte ris an teachdaireachd
+SIPartiallyValidHeader=Ged a tha an t-ainm sgrìobhte digiteach dligheach, chan eil fhios an co-ionnan an seòladair is an soidhniche.
+SIHeaderMismatch=Tha seòladh a' phuist-dhealain ann an teisteanas an t-soidhniche eadar-dhealaichte on t-seòladh phuist-dhealain a chaidh a chleachdadh gus an teachdaireachd seo a chur. Cuir sùil air mion-fhiosrachadh teisteanas an ainm sgrìobhte gus faighinn a-mach cò chuir ainm ris an teachdaireachd.
+SICertWithoutAddress=Chan eil seòladh puist-dhealain anns an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd. Cuir sùil air mion-fhiosrachadh teisteanas an ainm sgrìobhte gus faighinn a-mach cò chuir ainm ris.
+
+## Encryption Information strings
+EINoneLabel2=Teachdaireachd gun chrioptachadh
+EINone=Cha deach an teachdaireachd a chrioptachadh mus deach a chur. 'S urrainn do dhaoine eile coimhead air fiosrachadh a thathar a' cur thairis air an eadar-lìon fhad 's a tha e 'ga sheòladh mura deach a chrioptachadh.
+EIValidLabel=Teachdaireachd air a chrioptachadh
+EIValid=Chaidh an teachdaireachd a chrioptachadh mus deach a chur thugad. Tha e doirbh do dhaoine eile coimhead air fiosrachadh a chaidh a chrioptachadh fhad 's a tha e 'ga sheòladh thairis air an lìonra.
+EIInvalidLabel=Cha ghabh an dubh-cheileadh a thoirt far na teachdaireachd
+EIInvalidHeader=Chaidh an teachdaireachd seo a chrioptachadh mus deach a chur thugad ach cha ghabh a thoirt far na teachdaireachd.
+EIContentAltered=Tha coltas gun deach atharrachadh a chur air susbaint na teachdaireachd seo fhad 's a bhathar 'ga sheòladh.
+EIClueless=Tha duilgheadasan neo-aithnichte ann leis an teachdaireachd chrioptaichte seo.