# This Source Code Form is subject to the terms of the Mozilla Public # License, v. 2.0. If a copy of the MPL was not distributed with this # file, You can obtain one at http://mozilla.org/MPL/2.0/. ## Signature Information strings SINoneLabel=Chan eil ainm sgrìobhte digiteach ris an teachdaireachd SINone=Chan eil an teachdaireachd seo a’ gabhail a-steach ainm sgrìobhte digiteach an t-seòladair. Mur eil ainm sgrìobhte digiteach ann, faodaidh gun deach an teachdaireachd seo a chur le cuideigin a tha a’ leigeil air gu bheil an seòladh puist-d seo aige. Cuideachd, faodaidh gun deach atharrachadh a chur air an teachdaireachd fhad ’s a chaidh a sheòladh thairis air an lìonra. Ge-tà, ’s lughaid gun do thachair rud sam bith mar seo. SIValidLabel=Tha ainm sgrìobhte ris an teachdaireachd SIValid=Tha an teachdaireachd seo a' gabhail a-steach ainm sgrìobhte digiteach is dligheach. Cha deach atharrachadh a chur air an teachdaireachd seo on a chaidh a chur. SIInvalidLabel=Chan eil an t-ainm sgrìobhte digiteach dligheach SIInvalidHeader=Tha an teachdaireachd seo a' gabhail a-steach ainm sgrìobhte digiteach ach chan eil e dligheach. SIContentAltered=Chan eil an t-ainm sgrìobhte a' freagairt ri susbaint na teachdaireachd mar bu chòir. Tha coltas gun deach atharrachadh a chur air an teachdaireachd às dèidh dhan t-seòladair ainm a chur ris. Cha bu chòir dhut earbsa a chur ann an dligheachd na teachdaireachd seo mus dearbhaich an seòladair an t-susbaint a tha ann dhut. SIExpired=Tha coltas gun do dh’fhalbh an ùine air an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd. Dèan cinnteach gu bheil an t-àm a nochdas uaireadair a’ choimpiutair agad ceart. SIRevoked=Chaidh an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd seo a chùl-ghairm. Cha bu chòir dhut earbsa a chur ann an dligheachd na teachdaireachd seo mus dearbhaich an seòladair an t-susbaint a tha ann dhut. SINotYetValid=Tha coltas nach eil an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd dligheach fhathast. Dèan cinnteach gu bheil an t-àm a nochdas uaireadair a’ choimpiutair agad ceart. SIUnknownCA=Chaidh an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd fhoillseachadh le ùghdarras theisteanasan neo-aithnichte. SIUntrustedCA=Chaidh an teisteanas leis a chur ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd fhoillseachadh le ùghdarras theisteanasan nach eil earbsa agad ann airson foillseachadh a leithid seo de theisteanas. SIExpiredCA=Chaidh an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd fhoillseachadh le ùghdarras theisteanasan aig a bheil teisteanas a dh'fhalbh an ùine air. Dèan cinnteach gu bheil an t-àm a nochdas uaireadair a' choimpiutair agad ceart. SIRevokedCA=Chaidh an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd fhoillseachadh le ùghdarras theisteanasan a chaidh a theisteanas fhèin a chùl-ghairm. Cha bu chòir dhut earbsa a chur ann an dligheachd na teachdaireachd seo mus dearbhaich an seòladair an t-susbaint a tha ann dhut. SINotYetValidCA=Chaidh an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd fhoillseachadh le ùghdarras aig a bheil teisteanas nach eil dligheach fhathast. Dèan cinnteach gu bheil an t-àm a nochdas uaireadair a' choimpiutair agad ceart. SIInvalidCipher=Chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd air neart crioptachaidh nach eil an tionndadh seo dhen bhathar-bhog agad a' cur taic ris. SIClueless=Tha duilgheadasan neo-aithnichte ann leis an ainm sgrìobhte digiteach seo. Cha bu chòir dhut earbsa a chur ann an dligheachd na teachdaireachd seo mus dearbhaich an seòladair an t-susbaint a tha ann dhut. SIPartiallyValidLabel=Tha ainm sgrìobhte ris an teachdaireachd SIPartiallyValidHeader=Ged a tha an t-ainm sgrìobhte digiteach dligheach, chan eil fhios an co-ionnan an seòladair is an soidhniche. SIHeaderMismatch=Tha seòladh a' phuist-dhealain ann an teisteanas an t-soidhniche eadar-dhealaichte on t-seòladh phuist-dhealain a chaidh a chleachdadh gus an teachdaireachd seo a chur. Cuir sùil air mion-fhiosrachadh teisteanas an ainm sgrìobhte gus faighinn a-mach cò chuir ainm ris an teachdaireachd. SICertWithoutAddress=Chan eil seòladh puist-dhealain anns an teisteanas leis a chaidh ainm sgrìobhte a chur ris an teachdaireachd. Cuir sùil air mion-fhiosrachadh teisteanas an ainm sgrìobhte gus faighinn a-mach cò chuir ainm ris. ## Encryption Information strings EINoneLabel2=Teachdaireachd gun chrioptachadh EINone=Cha deach an teachdaireachd a chrioptachadh mus deach a chur. 'S urrainn do dhaoine eile coimhead air fiosrachadh a thathar a' cur thairis air an eadar-lìon fhad 's a tha e 'ga sheòladh mura deach a chrioptachadh. EIValidLabel=Teachdaireachd air a chrioptachadh EIValid=Chaidh an teachdaireachd a chrioptachadh mus deach a chur thugad. Tha e doirbh do dhaoine eile coimhead air fiosrachadh a chaidh a chrioptachadh fhad 's a tha e 'ga sheòladh thairis air an lìonra. EIInvalidLabel=Cha ghabh an dubh-cheileadh a thoirt far na teachdaireachd EIInvalidHeader=Chaidh an teachdaireachd seo a chrioptachadh mus deach a chur thugad ach cha ghabh a thoirt far na teachdaireachd. EIContentAltered=Tha coltas gun deach atharrachadh a chur air susbaint na teachdaireachd seo fhad 's a bhathar 'ga sheòladh. EIClueless=Tha duilgheadasan neo-aithnichte ann leis an teachdaireachd chrioptaichte seo.